"Thèid èisteachd" ri draghan mu bhùth chungaidh-leighis

  • 21 An Lùnasdal 2013
Cungaidh-lèighis
Image caption Tha dragh gun cuir a' bhùth ùr às do shiostam a tha a' freagairt air daoine an-dràsta.

Gheall Bòrd Slàinte nan Eilean Siar do mhuinntir Uibhist gun tèid beachdan an t-sluaigh a chur cho soilleir 's a ghabhas air beulaibh na comataidh a nì co-dhùnadh air bùth chungaidhean-leighis fhosgladh san sgìre.

Tha Local Pharmacies Eta airson bùth fhosgladh, a bhiodh a' toirt seachad chungaidhean-leighis a tha an-dràsta gan toirt seachad le ionadan dotair.

Bha còrr agus ceud duine an làthair aig a' chiad choinneimh cho-chomhairleachaidh ann am Baile a' Mhanaich oidhche Mhàirt, far an deach ceannardan NHS nan Eilean Siar a cheasnachadh mu na planaichean.

Tha dragh air daoine gum fàgadh a' bhùth gum feumadh ionadan dotair ann an Uibhist agus Beinn nam Fadhla dùnadh.

Comataidh

Dh'innis Bòrd na Slàinte Dimàirt nach toireadh aithisg ùr a chaidh iarraidh leis an Riaghaltas Albannaich - a tha a' moladh stad a chur air stèidheachadh bhùithdean chungaidh-leighis ann an sgìrean dùthchail - buaidh sam bith air a' cho-dhùnadh, mur a n-innseadh ministearan an Riaghaltais gun robh iad dualtach gabhail ris an aithisg.

"Tha mi a' smaoineachadh nach eil ann ach toiseach-tòiseachaidh, 's gum feumar a bhith gu math soilleir mun ghnothach airson 's gum faigh na h-Uibhistean an rud a tha a dhìth air na daoine, agus chan e rud a thèid a sparradh orra," thuirt Jean NicEachainn, a bh' aig a' choinneimh.

"Ge brith dè na molaidhean a tha a' tighinn a-mach bhon Riagtaltas, no ge brith cò bhuaithe, tha mi a' smaointinn gum feumar an còmhnaidh a bhith a' coimhead air coimhearsnachdan aig a bheil feumalachdan sònraichte.

"'S dòcha rud a dh'obraicheas glè mhath ann am meadhan Dhùn Èideann, nach obraich e ann an àite mar seo.

"Tha mi den bheachd, 's tha mi a' smaointinn gun robh a' h-uile duine a bh' aig a' choinneimh, co-dhiù a' mhòr-chuid a bh' aig a' choinneimh a-nochd, den bheachd gu bheil seirbheis againn an-dràsta a tha a' freagairt air suidheachadh nan daoine," thuirt i.

Am measg nan draghan a chaidh a thogail aig a' choinneimh, bha na chosgadh e do dhaoine a bhith a' siubhail eadar ionadan dotair agus a' bhùth airson cungaidhean-leighis a thogail, agus cho freagarrach 's a bhiodh an togalach a thaobh dìomhaireachd.

Cuiridh Bòrd na Slàinte comataidh de dh'eòlaichean agus daoine às a' choimhearsnachd ri chèile a nì an co-dhùnadh air an iarrtas.

B' ann airson beachdan dhaoine a chluinntinn a bha coinneimh oidhche Mhàirt ge-tà.

"'S e na theirinn ri daoine a bha an seo a-nochd, agus ri feadhainn eile a th' air cur ris an deasbad taobh a-muigh na coinneimh seo, gu bheil sinn a' cluinntinn na tha iad ag ràdh, tha sinn a' tuigsinn nan draghan a th' aca, agus gun obraich sinn mar bhòrd taobh a-staigh a' phròiseas seo, feuch a bhith cinnteach gum bi tuigse mhath aig a' chomataidh a nì an co-dhùnadh air na draghan a chaidh a thogail tron phròiseas," thuit Stiùiriche Meidigeach NHS nan Eilean Siar, an Dr. Seumas Ward.

'S e glè bheag de na h-iarrtasan airson bhùithdean cungaidh-leighis a thèid a dhiùltadh air feadh na h-Alba, agus tha muinntir Uibhist an dùil ri slighe dhoirbh agus fada.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile