MV Hebrides air slighe Ùige thar a' Gheamhraidh

  • 20 An Lùnasdal 2013
MV Fionn-Lagan
Tha mòran air draghan a thogail nach eil MV Finlaggan freagarrach air an t-slighe.

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air dearbhadh nach cuir iad MV Finlaggan air slighe Loch nam Madadh, Ùige 's an Tairbeirt thar a' Gheamhraidh seo, fhad 's a tha soithichean gan càradh.

Thuirt iad ge-ta, gur dòcha gun cuir iad air an t-slighe sin i fad trì seachdainnean sa Mhàrt fhad 's a tha MV Hebries - as àbhaist a bhith air an t-slighe - ga càradh.

Tha daoine a bhios a' cleachdadh na seirbheis gu cunbhalach air gearainnean a thogail nach eil MV Finlaggan freagarrach oirre.

'S àbhaist dhi a bhith a' ruith eadar Ìle agus Ceann na Creige, ach chaidh a cur air slighe a' Chuain Sgìth air a' Gheamhradh seo chaidh fhad 's a bha MV Hebrides a' siubhail shlighean eile fhad 's a bha obair-càraidh ga dèanamh air soithichean eile.

Thàinig maill air luchd-siubhail iomadh turas fhad 's a bha i air an t-slighe.

Thuirt Cal Mac gu bhel am Finlaggan làn-chomasach air dèiligeadh ris an t-slighe, agus iad ag ràdh gur e droch shìde a bh' air duilgheadasan a thoirt do bhàta sam bith a dh'adhbharaich a' mhaill.