Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

David Miranda

Chuir Scotland Yard dìon air an dòigh san do chleachd iad an lagh an aghaidh ceannairc airson companach do dh'fhear-naidheachd bhon Ghuardian a chur an grèim agus a cheasnachadh airson naoi uairean de thìde aig Port-adhair Heathrow. 'S e David Miranda, à Braisil, companach an fhir-naidheachd Glenn Greenwald, a thug am follais an sgeulachd mu Eideard Snowden, agus a th' air mòran a sgrìobhadh mu sheirbheisean tèarainnteachd Bhreatainn agus nan Stàitean Aonaichte.

Puist-dealain Yes Scotland

Tha Poilis a' ransnchadh aithrisean gun deach bristeadh a-steach gun chead air puist-dealain na h-iomairt Yes, a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thàinig amharas am follais an dèidh do bhuidhnean naidheachd ceistean fhaighneachd mu fhiosrachadh a bh' ann am post-dealain prìobhaideach.

Deoch-làidir

Tha ceannardan slàinte ag ràdh gu bheil sluagh na h-Alba ag òl cus de dheoch-làidir, ged a bha ìsleachadh de 3% air na chaidh a reic de dheoch-làidir ann an Alba eadar 2011 agus 2012. Tha na h-àireamhan ag ràdh gun robh, sa chumantas, gach inbheach an Alba ag òl 21 aonad de dheoch-làidir gach seachdain.

An Èipheit

Chaidh fear eile de cheannardan a' Bhràithreachais Mhuslamaich, Mohammed Badie, a chur an grèim anns an Èipheit. Tha a-niste trì prìomh cheannardan na buidhne sin an grèim 's iad fo chasaid gun do mhuirt iad feadhainn a bha ag iomairt nan aghaidh. Tha aithrisean ann gun deach còrr is 800 duine a mharbhadh air feadh na dùthcha bho thòisich àimhreit as ùr an sin bho chionn còig là.

Casaidean Drabastachd

Tha fear às an Eilean Sgitheanach mu choinneimh na cùirte ann an Inbhir Nis fo chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air sianar bhalach. Tha feadhainn de na casaidean air Niall Caimbeul à Talaisgeir, a' dol air ais faisg air 20 bliadhna. Chuala Cùirt an t-Sioraim gun deach Mgr Caimbeul a dhroch leòn mun cheann ann an tubaist-rathaid, agus gum faodadh sin a bhith air buaidh a thoirt iar a dhol-a-mach. Tha dùil gum mair a' chùis fad na seachdain seo.

Dàibhidh MacGilleEidich

Tha tiodhlacadh Dhàbhidh MhicGilleEidich, seann cheannard nan Tòraidhean an Alba, ann an-diugh. Chaochaill Mgr MacGilleEidich, a bha 61, an t-seachdain seo chaidh, agus e air a bhith tinn le aillse. Tha dùil ri ceannardan nam prìomh phàrtaidhean aig Holyrood aig an t-seirbheis ann an Eaglais Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.