Taic do 300 dachaigh ùr an Inbhir Narrann

  • 20 An Lùnasdal 2013
Làrach-togail
Tha mòran air draghan a thogail mu dheidhinn nam planaichean.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh do sgeama thaigheadais chonnspaideach ann an Inbhir Narrann.

Tha Scotia Homes, Barratt Homes agus Robertson Homes gus 300 dachaigh a thogail an ceann a deas a' bhaile.

Feumaidh measadh a bhith air a dhèanamh air an leudachadh ge-tà, nuair a bhios 100 dachaigh air an togail, feuch dè a' bhuaidh a tha e a' toirt air cùisean eile san sgìre.

'S ann eadar Rathad Bhaile a' Bhlàir, agus Rathad Chaladair, deas air Muilleann Sàbhaidh Ghòrdain, a bhios na dachaighean, air talamh àitich.

Bidh measgachadh de thaighean agus flataichean de dhiofar sheòrsa an lùib an sgeama, agus bidh cairteal de na dachaighean gan reic air prìs reusanta do dhaoine a tha a' ceannach airson a' chiad uair.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 70 litir a' cur an aghaidh nam planaichean, le dìreach aon litir a bha a' nochdadh taic dhaibh.

Am measg nam prìomh dhraghan a th' air daoine sa bhaile mu dheidhinn, tha nach eil rathaidean a' bhaile comasach air dèiligeadh ri leudachadh mar sin.

Tha dragh ann cuideachd nach eil goireasan slàinte, sgoiltean, no siostam an òtrachais comasach air dèiligeadh ri 300 taigh ùr.

Tha cuideachd dragh gum fàg na planaichean nach gabhadh leudachadh a thoirt air a' mhuilleann shàbhaidh, a tha a' cumail cosnaidh ri mòran dhaoine.

Thadhail Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd air an làraich madainn Dimàirt a dh'fhaicinn dè a' bhuaidh a bheireadh na planaichean air an sgìre.

Tha Scotia Homes, a tha aig ceann na co-bhanntachd de chompanaidhean a tha an sàs, airson 's gum bi daoine a cheannaicheadh dachaighean air am brosnachadh dòighean siubhail nas seasmhaiche na càraichean a chleachdadh, le mòran chabhsairean agus slighean coiseachd an lùib nam planaichean.

Feumaidh a' chompanaidh tòiseachadh air an obair-thogail taobh a-staigh trì bliadhna.