Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Slighe coiseachd ùr Bhlàr Chùil Lodair

20 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh slighe ùr ris an canar Slighe Bhlàr Chùil Lodair fhosgladh gu h-oifigeil Disathairne.

Tha an t-slighe coiseachd a' ceangal na h-àrfhaich fhèin ri coimhearsnachdan faisg air làimh, a' cleachdadh cuid de shlighean a bha stèidhichte mar thà, agus cuid ùr.

Chaidh beingean ùra a chur air an t-slighe cuideachd, air a bheil bàrdachd a sgrìobh Aonghas MacNeacail.

Ghabh Calum MacIlleathain sgrìob ann dhuinn.