Casg-astair sgoiltean fon phrosbaig

  • 20 An Lùnasdal 2013
Casg-astair Image copyright PA
Image caption Mairidh an iomairt cola-deug air feadh na Gàidhealtachd.

Tha an t-astar a bhios dràibhearan a' siubhail taobh a-muigh sgoiltean air Ghàidhealtachd fon phrosbaig.

Leis na sgoiltean a' tileadh bho shaor-làithean an t-Samhraidh, tha na Poilis a' cur cuideim air dràibhearan dèanamh cinnteach nach tèid iad nas luaithe na 20 mìle san uair faisg air geataichean sgoile.

Tha iomairt Poilis na Gàidhealtachd agus nan Eilean stèidhichte aig a h-uile bun-sgoil agus àrd-sgoil san sgìre.

Tòisichidh an iomiart Dimàirt, agus mairidh i fad cola-deug.

Tha iad airson cur an cuimhne dhràibhearan gu bheil casg-astair 20 mìle san uair air a chur an sàs taobh a-muigh a' mhòr-chuid de sgoiltean anns an sgìre.

Thuirt an Insp. Niall Lumsden bho Roinn nan Rathaidean gu bheil sàbhailteachd na cloinne agus luchd-obrach sgoile aig cridhe na h-iomairt aca.

Chuir e ris a sin agus e ag ràdh gun tig iad a-nuas gu math trom air daoine a tha a' siubhail aig astar.

Cumaidh iad orra a' dèanamh cinnteach gu bheil dràibhearan a' cumail ris a' chasg-astar fiù 's nuair a thig an iomairt aca gu ceann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile