Fear sa chùirt fo chasaid drabastachd

  • 20 An Lùnasdal 2013
Cùirt an t-Siorraim, Inbhir Nis Image copyright Helena Hilton
Image caption Thachair na h-ionnsaighean, ma 's fhìor, eadar 1995 agus 2011.

Thòisich cùis-lagha an aghaidh tuathanaich às an Eilean Sgitheanach a tha fo chasaid gun tug e ionnsaighean drabasta air sianar bhalach.

Tha cuid de na casaidean air Niall Caimbeul a' dol air ais gu meadhan nan naodhadan.

Thathas a' fàgail air Mgr Caimbeul, a tha 69, gun tug e ionnsaighean drabasta air na balaich eadar 1995 agus 2011, air an tuathanas aige ann an Talaisgeir agus ann an àiteachan eile.

Bha na balaich uile bho 16 bliadhna de dh'aois aig an am.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis bho fhireannach a tha a-nise 32.

Thuirt e gun do nochd Mgr Caimbeul rùisgte ann am bàthach nuair a bha e a' tadhal air san Eilean Sgitheanach bho chionn 18 bliadhna. Thuirt an duine nach do chuir e fios air na poilis aig an àm.

Chuala a' Chùirt cuideachd gun deach Mgr Caimbeul a ghoirteachadh mun cheann aige o chionn fhada - rud a dh'fhaodadh a bhith air buaidh a thoirt air an dol-a-mach aige.

Tha a' chùis a' leantainn.