Sgrùdadh ga iarraidh mu Sgoil Abaid Chille Chuimein

Tha ìmpidh ga chur air Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh poblach a chur air dòigh mu chasaidean gun do dh'fhulaing sgoilearan droch dhìol is drabastachd aig Sgoil Abaid Chille Chuimein.

Tha casaidean drabastachd air nochdadh a-nis an aghaidh an treas mhanaich Astràilianaich, is amharas ann gun robh buidheann de dhrabastairean cloinne aig an sgoil Chaitligich a dhùin anns na 90an.

Dh'iarr dà charthannas cloinne sgrùdadh mun sgainneal.

Ach, tha Riaghaltas na h-Alba air cantainn gu bheil na casaidean an urra ris an Eaglais Chaitligich an Alba agus gu bheil an sgrùdadh an urra ris na poilis.

Sgeulachdan aithriseach

  • HMS TimbertownSgeulachd HMS Timbertown

    Am measg àmhghar is dòrtadh fala a' Chogaidh Mhòir, tha sgeulachd mu sheòlaidairean cùl-earalais, le Leòdhasaich nam measg, a chaidh a chur dha na trainnsichean.


  • Feannagan FàrachVágaveltan - Feannagan Fàrach

    Ciamar a dh'fhàsas muinntir nan Eileanan Fàrach buntàta?


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.