Còirichean cogais?

  • 16 An Lùnasdal 2013

Tha an Eaglais Shaor ag iarraidh atharrachaidh ann am Bile nam Pòsaidhean Gèidh, a bheireadh cothrom do dhaoine diùltadh gnothaich a ghabhail ris ma tha sin an aghaidh an cogais.

A rèir na h-Eaglaise, às aonais sin thèid leth-breith a dhèanamh air duine sam bith a dhiùltas cupaill gèidh a phòsadh, no fiù 's tidsearan nach eil ag iarraidh càil a theagaisg mu dheidhinn san sgoil.

Tha iad cuideachd a' maoidhinn gum faodadh daoine an cosnaidhean a chall no fiù 's a dhol gu cùirt.

Thuirt labhraiche na h-Eaglaise, an t-Urr. Ìomhar Màrtainn: "Ma thig an lagh seo, tha iomagain aig tòrr de dhaoine gum biodh iad ann an suidheachadh gu math mì-chofhurtail."

Dh'fhaighnich e cuideachd: "A bheil a h-uile duine againn gu bhith air ar co-èigneachadh a bhith a' dèanamh nithean a tha an aghaidh ar cogais? Càit a bheil beachdan saora?"

Chuir An Lìonra Co-ionnanachd ge-tà - a tha ag iomairt 'son chòirichean gèidh - an aghaidh iarrtas na h-Eaglaise.

Bha Tom French bhon lìonra ag ràdh nach bi e mar dhleastanas fon bhile air buidhinn sam bith pòsadh gèidh a dhèanamh - agus gum bi saorsa labhairt fhathast aig daoine a tha an aghaidh nam pòsaidhean gèidh.