Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceist mu Raon nan Rocaidean

15 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt cathraiche Comataidh Ghnothaichean na h-Alba aig Westminster gu bheil fìor cheist ann mu raon rocaidean Uibhist, ma gheibh Alba neo-eisimeileachd.

Thuirt Ian MacDhàibhidh gun tarraingeadh Lunnainn a-mach an t-airgead a bha iad an dùil a chosg, agus nach biodh dùthchannan eile deònach deuchainnean a dhèanamh ann.

Ach tha BP nan Eilean Siar ag ràdh gun cosgadh Riaghaltas na h-Alba a' cheart uidhir de dh'airgead air an ionad 's a thathar a' cosg an-dràsta.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.