Sluagh nan Eilean air èirigh

  • 15 An Lùnasdal 2013
Leòdhas
Dh'èirich sluagh Leòdhais is na Hearadh 5.5% gu 21,031.

Dh'èirich àireamh-sluaigh eileanan na h-Alba 4% anns a' chumantas anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh.

Bha an t-àrdachadh as motha ann an Arcaibh, far an robh còrr is 2,000 duine a bharrachd a' fuireach ann an 2011 an taca ri 2001.

Sin àrdachadh de 11%. Ann an Leòdhas is na Hearadh dh'èirich an àireamh 5.5% gu 21,031.

Thàinig lùghdachadh ann an cuibhreann mòr de na h-Eileanan ge-tà, leithid Eilein Bhòid, Arain agus Ìle.