Dòchas do sgeamaichean cumhachd Uibhist

  • 14 An Lùnasdal 2013

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, gu bheil Ministreachd an Dìon mothachail do cho cudromach 's a tha leasachaidhean ath-nuadhachail ann an Uibhist.

A' tadhail san sgìre Dimàirt, thuirt e gun robh an MOD ag obair gus freagairt a lorg do dhuilgheadas a tha a' cur bacadh air leasachaidhean bho a bhith a' dol air adhart.

Tha dragh orra gun toir tuathan-gaoithe buaidh air uidheamachd radar.

Tha an naidheachd a' toirt na h-uidhir de dhòchas do mhuinntir an eilein gum faighear fuasgladh air a' ghnothach.