Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh soirbheachail

8 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha là soirbheachail air a bhith aig Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh ann an Leòdhas, le sìde mhath agus na ceudan dhaoine a' nochdadh tron fheasgar.

'S e fèill Chàrlabhaigh aon den fheadhainn as fhaide tha air a bhith a' dol sna h-Eileanan Siar, agus tha iad fhathast a' toirt àite mhòir dha Geamannan Gàidhealach agus a' measadh stuic.

Ach tha an fhèill cuideachd an urra ri obair mhòir bho muinntir na sgìre.

Seo Aonghas Dòmhnallach.