Glenachulish 45 bliadhna de dh'aois

MV Gleann a' Chaolais 'S i an aon bhàta de a seòrsa a tha fhathast ag obair san t-Saoghal.

Tha muinntir Ghlinn Eilge a' comharrachadh gu bheil am bàt-aiseig a tha a' ruith eadar an sgìre agus an t-Eilean Sgitheanach 45 bliadhna de dh'aois.

Chaidh an MV Glenachulish a thogail anns an t-Sròin ann an Siorrachd Àir, leis a' chompanaidh Ailsa Shibpuilding.

'S i an-diugh an aon bhàta de a seòrsa a th' air fhàgail san t-Saoghal, agus i a' giùlain charbadan air clàr-tionndaidh a th' air obrachadh le làimh, seach le uidheamachd.

Chaidh a h-ainmeachadh às dèidh Ghlinn a' Chaolais, faisg air Caolas 'ic Phàdraig ann an ceann a tuath Earra-Ghàidheal, far an robh i ag obair an toiseach gus an deach drochaid a thilgeil thar a' chaolais ann an 1975.

Chaidh i an uair sin a bhith na bàta faochaidh air aiseagan a' Chorrain, Cheasaig, agus Chaolas Chumhann. Tha drochaidean a-nis tarsainn an dà chaolais mu dheireadh.

Tha i air a bhith ag obari thar Chaoil Reatha bho 1982, agus i a' ruith eadar àm na Càisge agus an Dàmhair.

'S e Caol Reatha an slighe àiseig as sine a th' ann eadar Tìr Mòr agus an t-Eilean Sgitheanach.

Thòisich an t-aiseag air càraichean a ghiùlain thar a' chaoil ann an 1934.

Tha i air a bhith ga ruith leis a' chompanaidh choimhearsnachd Skye Ferry bho 2007, às dèidh mar a leig am fear a bha ga ruith roimhe, Ruairidh MacLeòid, dheth a dhreuchd.

San Fhaoilleach 2012, nuair a chaidh seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois a dhùnadh le maoim-slèibhe, chaidh an Glenachulish a chur ann gus an seann aiseag thar a' Chaolais Charrannaich a ruith a-rithist, gus am faigheadh trafaig seachad air a' bhacadh.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.