Rabhadh mu chosnaidhean sna h-Eileanan

  • 8 An Lùnasdal 2013
Làraidh
Image caption Tha dùil gun tèid faraidhean aiseag nan carbadan bathair an-àirde 50%.

Thug Buidheann Malairt nan Eilean Siar rabhadh seachad - gun caill luchd-obrach anns na h-eileanan an cosnadh ma thig àrdachadh de 50% air faraidhean aiseig charbadan bathair an ath-bhliadhna.

Aig a' chiad choinneimh bhliadhnail aca an Steòrnabhagh oidhche Chiadain, chaidh Dàibhidh Wood bho Woody's Express Parcels a thaghadh mar chathraiche agus Eachann Dòmhnallach bho Hebrides Haulage mar iar-chathraiche.

"Tha gu leòr romhainn. Tha sinn a' dol a chumail an-àirde na h-obrach agus a' chuideim mar a tha sinn air a bhith a' dèanamh sna bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan eil an strì againn deiseil fhathast.

"Tha 50% eile gu bhith a' tighinn oirnn a thaobh faraidhean an aiseig. Feumaidh sinn stad a chur air sin.

"Chan eil e furasta dha na buill againn cumail a' dol idir.

"Coltach ris a h-uile duine eile a tha a' toirt seachad cosnaidh, 's a' ruith gnothachais, tha iad air a h-uile càil a th' ann a theannachadh, sgilling a shàbhaladh ann an siud, sgilling a shàbhaladh ann an seo.

"Sin airson daoine a chumail ann an obair agus na h-obraichean aca fhèin a chumail a' dol airson seirbheis a thoirt seachadh dhan choimhearsnachd.

"Ach tha e air tighin gu ìre a-nis, chan eil càil de dh'fhios againn dè an ath-rud a nì iad, 's ma thèid faraidhean an-àirde, chan eil adhbhar eile aca ach gum feum iad an rud a thoirt seachad, no cha bhi iad ann an obair an ceann bliadhna eile," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile