Fear a bhuineas do Leòdhas a dhìth

  • 7 An Lùnasdal 2013
Tom Friseal Image copyright Other
Image caption Bha Mgr Fraser air a bhith aig Fèis Bheul Atha an Droma air an deireadh sheachdain.

Tha Poilis draghail mu dhuine à Glaschu, ach a bhuineas do dh'Eilean Leòdhais, nach fhacas bho Là na Sàbaid aig stèisean rèile Inbhir Nis.

Chunnacas Tom Friseal, a tha 19, mu dheireadh mu 2:00f Là na Sàbaid.

Bha e air a bhith aig Fèis-Chiùil Bheul Atha an Droma faisg air a' Mhanachainn, agus bha dùil ris ann an Glaschu oidhche na Sàbaid.

Bha seacaid pharka air, ad mholach agus speuclairean grèine nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh.

Tha na Poilis ag iarraidh air daoine bruidhinn riutha ma tha fiosrachadh sam bith aca mun chùis air 0141 532 3350, no 101.