Bàta-slaodaidh làn-ùine air fàire?

  • 7 An Lùnasdal 2013

Thuirt ministear Còmhdhail na Rìoghachd Aonaichte Patrick McLaughlin gu bheil e a' coimhead air dòighean a ghabhadh bàta-slaodaidh a chumail anns na h-uisgeachan mu thimcheall air na h-Eileanan Siar agus Arcaibh is Sealtainn anns an ùine fhada.

Tha maoineachadh an Riaghaltais a' tighinn gu ceann ann an 2015.

Tha am ministear ag ràdh gu bheil e a' dèanamh rannsachaidh air obair eile a dh'fhaodadh na bàtaichean-slaodaidh a bhith a' dèanamh agus iad a' feitheamh ri cobhair a dhèanamh air bàtaichean sam bith a bhiodh ann an duilgheadasan.

Tha Riaghaltas Westminster air a ràdh ron a seo gu bheil e daor na bàtaichean-slaodaidh a chumail anns na h-uisgeachan agus iad dìomhain.