Tha boireanach air bàsachadh ann an teine ann an Inbhir Nis

  • 6 An Lùnasdal 2013

Tha Polais na h-Alba air dearbhadh gu do chaochail boireanach ann an teine dachaigh ann an Inbhir Nis.

Chaidh na seirbhisean èiginn a ghairm chun an teine air Leyton Drive ann am Baile a' Chnuic mu 07:45 Dimàirt.

Bha aig ceathrar dhaoine bho thrì thoglaichean eile a ghluasad ri lìnn an teine, ach cha robh duine aca-san feumach air cobhair.

Thuirt polais gu bheil iad air bruidhinn ri teaghlach a' bhoireannaich a bhàsaich agus gu bheil iad fhathast gus bruidhinn ris an fheadhainn as fhaisge oirre.