Dùnaidh co-chomhairleachadh mu leasachadh Chiseorn Dihaoine

  • 6 An Lùnasdal 2013
Loch Chiseoirn
Tha planaichean mòra ann airson gàradh Chiseorn a leasachadh

Tha gu Dihaoine aig daoine beachdan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd mu phlanaichean gus seann ghàradh ola Chiseorn a leasachadh.

Tha co-bhanntachd de luchd-gnothachais airson obair a thòiseachadh ann a' dèanamh nithean airson gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Tha iad ag ràdh gun deigheadh mu thrì mìle cosnadh a chruthachadh ann thar ùine.

Ach, tha sgarradh bheachd anns a' choimhearsnachd mu dheidhinn.

Planaichean

Tha Kishorn Port Ltd (KPL), co-bhanntachd eadar na companaidhean Ferguson Transport (Spean Brige) Earranta agus Leith's (Scotland) Earranta.

Tha iad ag amas air ionad a chruthachadh aig an t-seann ghàradh ola a bhiodh a' dèanamh innealan airson cumhachd na mara 's na gaoithe agus cuideachd airson seann ionadan ola 's gas a thoirt às a chèile.

A-rèir duilleagan fiosrachaidh na buidhne dh'fhaodadh an làrach a bhith cudthromach do phlanaichean Riaghaltas na h-Alba a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, agus suas ri 3000 cosnadh a chruthachadh.

Tha iad a' coimhead am-measg eile air a' chuaraidh agus goireasan eile air an làrach a leudachadh 's iad ag ràdh gun tèid buaidh na h-obrach air an àrainneachd a lùghdachadh leis a' chruth a bheir iad air.

Draghan

Tha cuid amharasch mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an leasachadh air an sgìre, agus tha coltas gu bheil sgarradh bheachd sa choimhearsnachd mu dheidhinn - gu h-àraid ann am baile beag Achadh na Tràghad, air taobh eile Loch Chiseoirn, agus am baile as fhaisge air an leasachadh.

Thuirt an t-Urramach Ailean Macartair a bha na Chomhairliche sa sgìre gu bheil dragh ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh am pròiseact a thoirt air tuathanasan èisg a tha stèidhichte mu thràth ann an Loch Ciseorn.

Tha Companaidh Bradain na h-Alba, a tha ag obair san sgìre, air litir a chur chun na Comhairle mu na planaichean.

Tha iadsan a' togail dragh mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air tearainteachd agus bith-tearainteachd na laraich aca.

Tha iad ag ràdh gur dòcha gum biodh iad airson an làrach aca air Allt Ruiseil a leudachadh, 's gur e talamh a bhiodh fo leasachadh KPL an aon roghainn a bhiodh aca airson sin a dhèanamh.

Tha an t-Urr. Macartair ag ràdh gu bheil dragh ann cuideachd mu chuid de rathaidean na sgìre, ged a tha e ag ràdh gur ann air a' mhuir a bhios mòran de dh'obair a' ghàraidh a' dol air ais 's air adhart.