Gealagan buachair gann

  • 5 An Lùnasdal 2013
Gealag Bhuachair Image copyright Tom Marshall / RSPB Images
Image caption Tha mar a tha àiteachas air atharrachadh air crìonadh a thoirt air na h-eòin.

Chan eil gealagan buachair sam bith a' neadachadh ann am Barraigh 's Bhatarsaigh am bliadhna.

'S e seo a' chiad bhliadhna bho thòisicheadh cumail chlàran de na h-eòin, nach eil iad air nochdadh san dà eilean.

Tha na h-eòin air fàs gu math tearc ann an sgìrean eile de Bhreatainn, agus 's e na h-Eileanan Siar aon de na h-àiteachan mu dheireadh far a bheil àireamhan dhiubh rim faicinn. Tha iad air Liosta Dhearg Chomann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB).

Thathas an dùil gur e mar a tha dòighean-obrach an àiteachais air atharrachadh thar nam bliadhnaichean mu dheireadh a thug air an àireamhan crìonadh.

Arbhair

Bha là a bha na h-eòin seo - ris an canar Corn Bunting sa Bheurla - pailt mu thuathanasan, far an robh cruachan arbhair gan cumail, agus far an robh an crodh a' faighinn sguaban arbhair mar fhodair. 'S ann an rathad sin a gheibh iad an cuid bìdhe tron Gheamhradh.

'S ann an Uibhist a Tuath as fheàrr a tha na h-àireamhan a-niste, ach tha rabhadh ann gu bheil na h-eòin seo a' crìonadh ann an Uibhist cuideachd.

"Tha mise gam biadhadh a-niste, o chionn trì no ceithir de gheamhraidhean, agus 's ann a' sìor-fhàs gann a tha iad," thuirt Laurence MacEachain, a tha na chroitear ann an Uibhist a bhios a' cuideachadh le oidhirpean gus na gealagan buachair a ghlèidheadh.

"Tha an RSPB a' toirt seachad arbhair.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e mar a tha dòigh na croitearachd air atharrachadh.

"Chan eil uiread de chrodh an seo sna h-eileanan a deas 's a b'àbhaist a bhith ann uaireigin.

"'S chan eil iad a' faighinn arbhair air cheann, 's e silage a tha iad a' faighinn.

"Nuair a bha iad a' faighinn arbhair air cheann a-muigh tha mi a' smaointinn gun robh barrachd eun mun cuairt," thuirt e.

San Lùnastal an-uiridh, thuirt RSPB na h-Alba nach robh ach 800 pàidhir àlachaidh de na h-eòin air fhàgailm ann an Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile