Plana ùr son an A9 ga chur air adhart

  • 2 An Lùnasdal 2013
Trafaig
Cha bhi an rathad air a dhèanamh dùbailte gu 2025.

Tha iomairt ùr a' moladh plana 20 puing a tha an fheadhainn air a chùlaibh ag ràdh a nì an A9 nas sàbhailte.

'S e "Real A9 Users" a th' air an iomairt, agus tha e a' moladh casgan-astair ùr a chur an àite, a thuilleadh air feansaichean sàbhailteachd a bharrachd.

Tha an iomairt cuideachd ag iarraidh gun cuirear stad air rud ris a bheil iad a' gairm "Rèiseadh Ailbhean" no "Elephant Racing" - nuair a bhios carbadan mòra slaodach a' gabhail seachad air carbadan mòra slaodach eile air earrainnean goirid den rathad a tha dùbailte.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gun gabhadh na molaidhean aca cur an àite gu h-eadar-amail, gus an tèid crìoch a chur air obair gus an rathad a dhèanamh dùbailte air fad eadar Peart agus Inbhir Nis.

Nas Slaodaiche

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos a dh'fhalbh gun deadh siostam de chamarathan a chur an sàs air an A9, a bhios a' tomhas astar meadhanach charbadan fad na slighe eadar Dùn Bhlathain agus Inbhir Nis, gus piseach a thoirt air sàbhailteachd.

Chuir Ceann-suidhe Chomann Shuperintendent Phoilis na h-Alba, Ch Supt David O'Connor, fàilte air an naidheachd.

Ach thuirt labhraiche do Real A9 Users, Mike Burns, nach robh na camarathan nam freagairt don trioblaid.

"Bidh a h-uile duine a bhios a' dràibheadh air an A9 a' fàs searbh de cho slaodach 's a tha an rathad, agus 's e cho truagh 's a tha an rathad air a chumail suas, sgìths, gainnead chothroman gabhail seachad, gabhail seachad cunnartach, carbadan slaodach, obair-càraidh gun sguir, agus gainnead phatròlan poilis follaiseach as motha as adhbhar do thubaistean," thuirt e.

"Cha dèan camarathan astair-mheadhanaich càil gus sin a leasachadh, agus cha dèan iad ach an ràthad a dhèanamh nas slaodaiche," thuirt e.

Tha an iomairt cuideachd a' gairm airson feansaichean sàbhailteachd a chuireas stad air gabhail seachad aig deireadh earrainnean dùbailte, agus soidhnichean ag innse cho fada 's a bheir e siubhail an rathaid.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £3bn a chur mu choinneimh pròiseict a leasaicheas 80 mìle den rathad a tha an-dràsta dìreach dà-fhillte eadar Peart agus Inbhir Nis, gu bhith na rathad dùbailte.

Chan eil dùil gum bi am pròiseact sin deiseil gu 2025.