Fàilte mheasgaichte do lùghdachadh chosgaisean

  • 2 An Lùnasdal 2013
Crann-Gaoithe
Tha cosgaisean sna h-Eileanan a' cur bacadh mòr air leasachadh sa ghnìomhachas.

Chuir grunn luchd-poileataics sa cheann a tuath fàilte air co-dhùnadh gum bu chòir lùghdachadh a thoirt air na tha e a' cosg dealan bho cheann a tuath na h-Alba a chur don Ghriod Nàiseanta.

Nochd beachd à Comhairle nan Eilean Siar, ge-tà, gum feum an cosgais tighinn a-nuas barrachd na tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air moladh airson diofar ceart a dhèanamh.

Agus tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil fhathast feum air cabhag a chur ann a bhith a' cur Càbal a' Chuain Sgìth an sàs, airson dealan bho na h-Eileanan a reic ris a' Ghriod.

"'S e cnap-starra airson cumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan a th' anns a' chàbal, agus cnap-starra airson a' chàbail 's e sin na cosgaisean a th' ann airson ceangail ris a' Ghriod Nàiseanta," thuirt Mgr Allan.

Poileasaidh Ùr

"Ach tha mi an dòchas gum bi rudeigin a' nochdadh a-mach às an naidheachd a tha seo a tha a' ciallachadh gum bi cothrom ann airson siostam nas cothromaiche na th' againn an-dràsta.

"Anns an t-siostam a th' againn an-dràsta tha na sgìrean as fhaide air falbh bho na bailtean mòra - Lunnainn gu sònraichte - a' pàigheadh barrachd airson ceangail," thuirt e.

Thuirt Stiùiriche an Leasachaidh Eaconamaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, nach dèan an lùghdachadh seo cus feum dha na h-Eileanan Siar.

Tha esan ag ràdh gu bheil na h-Eileanan feumach air lùghachadh mòran nas motha na tha Ofgem a' moladh.

"'S e ceum beag air adhart a th' ann. 'S e ceum math a th' ann ma tha lùghdachadh sam bith a' dol a bhith anns na cosgaisean," thuirt e.

"Mar a tha fhios againn 's e cosgais an dealain a chur air falbh bho na h-Eileanan a tha a' cur bacadh air na gnìomhachasan a' tighinn gu bith.

"Tha mi a' smaoineachadh ge-tà, am prìomh rud a tha sinne a' coimhead ris, 's e an obair a chaidh a dhèanamh eadar Arcaibh, Sealtainn, na h-Eileanan Siar agus an dà riaghaltas far a bheil iad a' faicinn gu bheil feum air poileasaidh ùr.

"'S bhiodh sinne an dòchas, leis a' phoileasaidh ùr sin ro cheann thall na bliadhna, gum bi lùghdachadh mòr a' tighinn, agus chan e an lùghdachadh beag a tha sinn a' faicinn tron rud a tha Ofgem a' cantainn.

"Chan eil mi a' smaointinn gun dèan seo mòran dha na h-Eileanan. Bidh e gu math feumail dha ceann a tuath na h-Alba, ach airson nan Eileanan fhèin chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol a dhèanamh mòran diofair.

"Tha e feumail gu bheil lùghdachadh ann, ach mar a tha mi a' mìneachadh, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinne feumach air lùghdachadh tòrr a bharrachd air seo, tòrr nas motha na seo.

"Agus tha sinn gu math misneachail leis an obair a tha an riaghaltas ann an Lunnainn agus an riaghaltas ann an Dùn Èideann air a dhèanamh, gun tig an lùghdachadh sin ro cheann thall na bliadhna seo," thuirt e.