Lùghdachadh air cosgaisean ceangail

  • 1 An Lùnasdal 2013
Càbal fon mhuir
Tha sgeamaichean sna h-Eileanan a' feitheamh air ceangal susbainnteach ri Tìr Mòr.

Thig a' chosgais a tha an lùib a bhith a' ceangal sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail ann an sgìrean iomallach de Bhreatainn ris a' Ghriod Nàiseanta a-nuas bhon Ghiblean an ath-bhliadhna, fhad 's a thèid a' chosgais ann an ceann a deas Bhreatainn an-àirde.

Tuitidh cosgaisean airson sgeamaichean ann an eileanan na h-Alba cuideachd, ach ri linn cheanglaichean fon mhuir, cha thuit iad cho mòr ri sgeamaichean air Tìr Mòr.

Dh'fhoillsich riaghladair a' chumhachd, Ofgem, na planaichean gus cuideachadh a thoirt do chompanaidhean a tha a' cruthachadh dealain ath-nuadhachail ann an ceann a tuath na h-Alba.

Tha na cosgaisean a tha an lùib sgeamaichean a cheangail ris a' Ghriod sa cheann a tuath an-dràsta mòr, agus thathas air am faicinn mar bhacadh air leasachadh agus in-ionmhas sa ghnìomhachas.

Tha Ofgem ag ràdh gun tuit cosgaisean airson sgeamaichean air Tìr Mòr cho mòr ri 50%, bho £25 gach kilowatt, gu £12.21.

Tha sin an taca ri ceann a deas Shasainn, far a bheil subsadaidh ri fhaotainn gach kilowatt, mar bhrosnachadh do chompanaidhean stèiseanan cumhachd àbhaisteach a thogail faisg air far a bheil sluagh mòr a' fuireach.

Tha Ofgem ag amas air tuilleadh chumhachd ath-nuadhachail a bhrosnachadh leis na planaichean.

Tha na cosgaisean gan stèidheachadh leis a' Ghriod Nàiseanta fhèin, a' cleachdadh formula ris an do dh'aontaich Ofgem.

Tha Ofgem air co-chomhairleachadh a thòiseachadh air na planaichean, agus tha dùil gum foillsich iad an co-dhùnaidhean deireadh na bliadhna.