Iomairt chroitearan son neo-eisimeileachd

  • 1 An Lùnasdal 2013
Croit
Image caption Tha sgaradh bheachd am measg chroitearan air ceist neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha buidheann de chroitrearan a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd na h-Alba ga cur air bhonn Diardaoin.

Bidh a' bhuidheann, aithnichte mar "Crofters for Yes", ga cur air dòigh gu h-oifigeil aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh.

Tha iad ag ràdh gum biodh croitearachd mòran na b'fheàrr dheth le neo-eisimeileachd.

Cuideachadh

Thuirt tè den ochdnar chroitearan a tha air a' bhuidhinn-stiùiridh, Anne Blackford às an Eilean Sgitheanach, gu bheil a bhith a' faighinn smachd air Alba agus ath-leasachadh croitearachd a' dol an cois a chèile.

"'S ann tro neo-eisimeileachd a-mhàin as urrainn do chroitearachd a bhith air a neartachadh, nuair a tha na feumalachdan againne gan riochdachadh gu h-iomlan ann an Dùn Eideann, agus gu sònraichte sa Bhruiseil, far a bheil uidhir de na co-dhùnaidhean cudromach mu sheasmhachd chroitearachd gan dèanamh," thuirt i.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt fear de stiùirichean eile na buidhne, Alasdair Hunter, cuideachd às an Eilean Sgitheanach, gu bheil rìoghachdan beaga na Roinn Eòrpa a' faighinn cuideachaidh nas fheàrr na tha Alba an-dràsta.

"Tha mi a' smaoineachadh ma tha an guth agad fhèin, gum faigh thu air daoine a chuir a-null dhan Bhruiseil a bhruidhinn ris na daoine a tha sin, a bharganachadh ghnothaichean, gur dòcha gum bi teansa nas fheàrr againn air cuideachadh a bharrachd fhaighinn," thuirt Mgr Hunter.

Eas-aonta

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Hunter a' bruidhinn air Aithris na Maidne

Ach chan eil a h-uile croitear ag aontachadh.

Chan eil Niall MacLeòid, à Leòdhas, a' cur taic ris a' bhuidhinn idir.

"Chan eil mi air a shon.

"Mur a h-eil e briste dè a tha iad a' dol a dh'fheuchainn ri chàradh?

"Chanainn-sa gu bheil cùisean ag obair mar a tha iad.

"'S e an eagal a bu mhotha a bhiodh orm-sa, ma thachras e, cò a tha gu bhith a' riaghladh? An e na seirbhisich chatharra, mar a tha a' tachairt an-dràsta?

"Mar a tha mise a' coimhead nam bliadhnaichean a chaidh seachad, agus tha iomadach bliadhna bho thòisich mi ann an croitearachd, tha a h-uile càil a' dol sìos taobh Dhùn Eideann.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Niall MacLeòid a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Nise, tha e a' dèanamh na h-uiread do chroitearachd, ach chan eil e a' dèanamh an leth uiread 's a tha e a' dèanamh dha na tuathannaich mhòra.

Ao-colach ris a' bhuidhinn Crofters for Yes, tha Mgr MacLeòid den bheachd gum biodh guth nas làidire aig croitearan mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte seach Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo