HHP
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

HHP a' coinneachadh ri Moore

1 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coinnichidh Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) ri Rùnaire na h-Alba, Micheal Moore, is uallach orra mu bhuaidh cìs nan seòmraichean cadail air a' bhuidhinn.

Thug an Riaghaltas faisg air £70,000 seachad gus cuideachadh leis na h-atharraichidhean ann an sochairean san sgìre.

Ach tha a' bhuidheann taigheadais agus a' Chomhairle den bheachd nach eil an t-airgead seo gu leòr 's gur e dìreach faochadh eadar-amail a th' ann.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.