Taigh-tasgaidh ùr do dh'Uibhist a Deas

  • 31 An t-Iuchar 2013
An Aileach
Image caption Bha birlinnean gu math cumanta air a' chosta an iar uair dhan robh saoghal.

Dh'fhaodadh gun tèid taigh-tasgaidh ùr a thogail ann an Loch Baghasdail.

Tha Urras Birlinn Tighearna nan Eilean air aonta a ruighinn le Stòras Uibhist mu bhith a' taisbeanadh birlinn an Urrais - an "Aileach" - sa bhaile.

Thathar an dòchas a gluasad a dh'Uibhist san Lùnastal far am bi i ceangailte aig cidhe Loch Baghasdail fad dà mhìos.

An uair sin thèid a gluasad gu togalach san ùine ghoirid mus togar taigh-tasgaidh.

Tha an Aileach an-dràsda ga sgeadachadh ann an gàraidhean aig Caisteal Dhùn Ollaigh faisg air an Òban.

Bha bàtaichean de a leithid gu math cumanta air Costa Siar na h-Alba aig aon àm.

Bhiodh daoine a' cleachdadh birlinn airson a dhol gu cogadh cho math ri iasgach.

Tha iad feumach air tòrr obrach ach tha e coltach gu bheil iad tlachdmhor ri seòladh.

Ged a fhuair Urras Birlinn Tighearna nan Eilean taic-airgid nuair a thog iad am bàta tha iad an-diugh a' crochadh gu mòr air daoine a nì an obair gu saor-thoileach.

Nuair a chaidh an Aileach a thogail bha linntean air a dhol seachad bho thogar an tè mu dheireadh agus le sin bha am fiosrachadh gann.

Fhuair i dachaigh eadar-amail aig Dùn Ollaigh faisg air an Òban far a bheil taigh-tasgaidh air eachdraidh Chlann 'ic Dhùghaill mus tèid a gluasad a dh'Uibhist.

Thathar an dòchas gum bi an taigh-tasgaidh deiseil ro 2015.