Leanaidh rannsachadh prìs a' chonnaidh

  • 31 An t-Iuchar 2013
Prìs a' chonnaidh
Image caption Tha connadh nas daoire sna h-Eileanan na tha anns a' chuid as motha de sgìrean air Tìr Mòr.

Leanaidh rannsachadh Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) mu phrìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan Siar chun an Damhair.

Bha dùil gun tigeadh fios bhuapa air a' mhìos seo fhèin, 's iad a' sgrùdadh dhòighean-obrach na companaidh GB Oils, leis a bheil Scottish Fuels.

Ach dhearbh iad an t-seachdainn seo gun lean an rannsachadh aca airson trì mìosan eile.

"'S e naidheachd inntinneach a th' ann," thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill.

"Tha e doirbh a ràdh taobh seach taobh an e nach d'fhuair iad gu leòr de dh'fhianais airson a' cho-dhùnadh a bha dùil ris aig an àm a tha seo, no gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil tuilleadh ri fhaighinn.

"Agus air an làimh eile cuideachd tha e cunnartach a bhith a' cnuasachadh dè dìreach a tha a' tachairt.

"Tha an rannsachadh a' dol air adhart, agus feumaidh sinn feitheamh gum faic sinn dè na faclan susbainnteach a thig a-mach bhon OFT às dèidh dhaibh sin a dhèanamh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile