Àrdachadh casg-astair ga iarraidh

  • 29 An t-Iuchar 2013
A9
Image caption Thèid an A9 a dhèanamh dùbailte air fad thar nam beagan bhliadhnaichean ri teachd.

Tha dràibhearan làraidh ag iarraidh a-rithist gun tèid an casg-astair ris am feum iad cumail àrdachadh gu 50 mìle san uair, às dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse an t-seachdain seo chaidh gun tèid camarathan a chur fad na slighe air an A9.

Bidh na camarathan a' tomhas an astair mheadhanaich a tha carbad a' dèanamh fad na slighe.

Tha Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, den bheachd gun toir na camarathan lùghdachadh air na tha de thubaistean air an rathad.

Ach tha labhraiche airson Comann Luchd-bathair nan Rathaidean ag ràdh gur e cho slaodach 's a tha trafaig a' gluasad air cùlaibh làraidhean as coireach gu tric, ri daoine a bhith a' fàs mì-fhoighdinneach 's a bhith a' gabhail seachad orra gu cunnartach.

"Tha sinn air a bhith ag iomairt airson seo o chionn iomadh bliadhna," thuirt Phil Flanders.

"Tha a' chuid as motha de dhaoine sa ghnìomhachas den bheachd gum biodh e na bu shàbhailte.

"Tha iad den bheachd gum biodh gu seachd àraid rathad leithid an A9, far nach eil na h-uidhir de lùban casa, gu math freagarach air deuchainn a dhèanamh air seo.

"Sheall rannsachadh a chaidh a dhèanamh do Riaghaltas na h-Alba ann an 2009 gun toireadh an t-àrdachadh lùghdachadh air na bhiodh ann de thubaistean," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile