Fireannach air bàsachadh air Beinn Nibheis

  • 29 An t-Iuchar 2013

Chaochaill fireannach, 51, 's e a' dìreadh Beinn Nibheis.

Bhàsaich an duine, a bhuinneadh do Ghlaschu, Disathairne, nuair a chaidh e ann an laigse.

Chaidh fios a chur air na Poilis mu 12:25f.

Chaidh a thogail ann an heileacoptair leis an RAF gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, ach bhàsaich e mus do ràinig e.

Rinn feadhainn a bha a' dìreadh na beinne còmhla ris, agus dithis dhotairean a bh' air fòrladh, oidhirp air a thoirt timcheall mus do nochd an heileacoptair.