Eaconamaidh air thoiseach air Àrainneachd

  • 29 An t-Iuchar 2013
Tursachan Chalanais
Image caption Gheall Ministear an Dealbhachaidh gun toireadh poileasaidhean dealbhachaidh aire do leithid chothroman cosnaidh.

Tha Siamarlan Urras Steòrnabhaigh - an t-uachdaran coimhearsnachd air taobh sear Leòdhais - air iarraidh gum bi gnothaichean eaconomach air an cur air thoiseach air cùisean àrainneachail ann an ceistean dealbhachaidh nan Eilean.

Bhruidhinn Iain MacÌomhair agus ministear dealbhachaidh na h-Alba, Derek MacAoidh, a' tadhail ann an Leòdhas Dihaoine.

Gheall esan gum biodh poileasaidhean dealbhachaidh a' toirt aire dha leithid cothroman cosnaidh ann a bhith a' dèanamh co-dhùnadh air leithid sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail.

"Tha sinn aig an ìre seo glè thoilichte sin a chluinntinn, oir 's e sin a tha daoine air a bhith ag iarraidh, gu h-àraid anns na h-Eileanan, airson iomadach bliadhna," thuirt Mgr MacÌomhair.

"Tha sinn a' faicinn a' bhacaidh a tha ga chur air cothroman leasachaidh, ma 's fhìor gu bheil e a' dol a dhèanamh cron air an àrainneachd, agus fios againn le cinnt nach ann mar sin a tha cùisean.

"Tha daoine anns na h-Eileanan gu math mothachail air luach a bhith a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd prìseil a tha againn.

"Ach aig an aon àm, tha e a' cheart cho cudromach gum bi sinn a' coimhead às dèidh feumalachdan nan daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan.

"Mur a bi an taobh sin den chùis falain, fulaingidh an àrainneachd fhèin cuideachd, 's tha sinn a' faicinn crìonaidh, gu h-àraid a thaobh croitearachd, 's obair fearainn.

"Fiù 's nuair a chì thu staid nam mòintichean againn. Chan eil càil an sin ach mar a tha daoine a' cur an cùl ris na h-obraichean a bha ann.

"Bhiodh e math poileasaidhean fhaicinn a bhrosnaicheadh na h-obraichean sin a bhith a' tighinn air ais, agus bhiodh a h-uile càil a th' ann na b'fheàrr dheth," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile