Camarathan air an A9

  • 26 An t-Iuchar 2013
camara Image copyright PA
Image caption Thèid na camarthan a chur an sàs an ath bhliadhna.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol a chur siostam chamarathan ùra air an A9 airson feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas sàbhailte air an rathad.

Thèid camarathan a chur eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlathain a bhitheas a' tomhais an astair coitchinn aig a bheil càr a' siubhal.

Dh'fhoillsich Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, an naidheachd nuair a thadhail e air an A9 aig Srath Gaoithe Dihaoine.

Seo an dàrna rathad ann an Alba air am bi camarathan airson astar coithcheann.

Chaidh an stèidheachadh roimhe air an A77 ann an Siorrachd Adhair, 's tha coltas gun do dh'obraich iad an sin leis gun tàinig tubaistean marbhteach a-nuas 46%.

Tubaistean bàsmhor

Tha dùil gum bi na camarathan an sàs as t-samhradh an ath bhliadhna.

Thuirt Stiùiriche Sàbhailteachd Rathaidean na h-Alba, Mìcheal McDonnell gu bheil e na amas dhaibh a bhith a' toir buaidh air an dòigh anns am bi daoine a' draibheadh agus a bhith feuchain ri lùghdachadh a thoirt air an àireamh de thubaistean bàsmhor air an rathad.

Chaill triùir am beatha air an A9 fasig air an Rath Liath air an 9mh Iuchair - nighean bheag nam measg.