Co-chomhairleachadh mu chasg smòcaidh

  • 25 An t-Iuchar 2013
Toit
Image caption Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson casg a chuir air smòcadh air na làraich aca air fad ro dheireadh na Samhna

Tha ceannardan slàinte nan Eilean Siar air co-chomhairleachadh a thòiseachadh mu na planaichean aca gus casg a chuir air smòcadh air na làraich aca air fad.

Aig an ìre-sa, tha smòcadh ceadaichte ann an cuid de dh'àitean, taobh a-muigh ospadalan 's eile, ach tha am Bòrd Slàinte ag amas air casg iomlan a thoirt a-steach ro dheireadh na Samhna.

Tha iad a-nis a' brosnachadh an dà chuid an luchd-obrach aca agus euslaintich brath a ghabhail air seirbheisean a chuidicheas daoine sguir a smòcadh.

Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gur e piseach a thoirt air slàinte mhuinntir nan Eilean a tha fainear dhaibh - 's rannsachadh air dearbhadh gur e smòcadh as motha a tha ag adhbhrachadh cion slàinte ann an Alba.

Gheall iad feairt a thoirt air na beachdan a thig thuca mus tèid dreach deireannach dhen phoileasaidh smòcaidh ùr a chuir air beulaibh a' bhùird san Damhair.

Thig an co-chomhairleachadh gu ceann air an 30mh là dhen t-Sultainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile