Loidhne dealain ùr ga chuir a dhol

  • 25 An t-Luchar 2013
Crann-dealain
Tha dùil gun tig obair air an loidhne gu ceann an ath-bhliadhna

Son a' chiad turas chaidh cumhachd a chur tron a' chiad phàirt dhen loidhne dealain chonnspaideach eadar a' Mhanachainn agus Denny, Diardaoin - dà bhliadhna gu leth bhon a chaidh cead a thoirt dhan a' phròiseact.

'S e am pàirt dhen loidhne eadar a' Mhanachainn agus Cille Chuimein a chaidh a dhèanamh an toiseach.

Tha am pròiseact air connspaid mhòr adhbharachadh, 's luchd-dìon na h-àrainneachd a' dèanamh dheth gum milleadh e coltas an àite.

Uile gu lèir, thèid sia ceud crann dealain ùr a thogail - an àite nan ochd ceud a th' ann an-dràsta - ach bidh cuid dhiubh sin a dhà uidhir nas àirde.

Rannsachadh poblach

Chuir cha mhòr 18,000 duine an aghaidh nam planaichean nuair a chaidh rannsachadh poblach a chumail.

Chaidh co-dhùnadh ge-tà gun robh an loidhne riatanach airson dealan bho phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail air a' Ghàidhealtachd a thoirt gu deas.

Tha dùil gum bi an obair air fad deiseil ann an 2014, aig cosgais de mu £600m.