Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

25 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist-rèile

Thadhail Prìomhaire na Spàinne air an sgìre an ceann a tuath na dùthcha anns an deach faisg air ceithir fichead duine a mharbhadh ann an tubaist rèile. Chaidh còrr air sia fichead a leòn. Thachair an tubaist faisg air baile Santiago de Compostela, nuair a chaidh an trèana gu leìr far na rèile. 'S e an tubaist rèile as miosa riamh anns an Spàinn.

An Eaglais Bhreac

Tha Poilis na h-Alba air co-dhùnadh GUN rannsachadh eucoir a dhèanamh air casaidean gun deach foill a dhèanamh air bhòtaichean anns an Eaglais Bhric. Thuirt fear-labhairt nach robh fianais gu leòr ann airson a dhol air adhart le rannsachadh. Chaidh fhàgail air an aonadh Unite gun do chruinnich iad buill a bharrachd anns an Eaglais Bhric airson dèanamh cinnteach gum faigheadh an duine a thoilicheadh iadsan a-steach mar thagraiche Làbarach na sgìre airson Westminster.

Cumhachdan

Tha Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Sealtainn an-dràsta. Tha dùil gun ainmich iad gun tèid buidhean-ghnìomha mhinistrearail a stèidheachadh a choimheadas air am bu chòir do na sgìrean eileanach barrachd chumhachdan fhaighinn. Tha comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar ag iarraidh gun deadh barrachd smachd a thoirt do na sgìrean eileanach air an cùisean fhèin.

Deoch làidir

Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' dìon a' phoileasaidh aca airson bun-phrìs a chuir air deoch làidir, an dèidh do ghrunn dhùthchannan gearainn ri Coimisean na h-Eòrpa mu dheidhinn. Tha na dùthchannan a' cumail a-mach gun toireadh a leithid droch bhuaidh air gnìomhachasan na dibhe aca-san, 's gum biodh e an aghaidh saor-mhalairt. Ach thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba, Ailig Neil, gun robh prionnsapal bun-phrìs air deoch stèidhichte mar tha ann am malairt: tha e aig còig stàitean anns na Stàitean Aonaichte agus aig a' chuid mhòr de mhòr-roinnean Chanada thuirt e.

Fear-gairm

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall MacAoidh a bha na Fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar fad grunn bhliadhnaichean. Chaochaill "Dòmhnall na Pàirce" ann an Ospadal an Rathaig Mhòir an-dè. Bha e 82, 's bha e air a bhith tinn bho chionn greis. Thuirt Ailig Dòmhnallach - a ghabh thairis bhuaithe mar Fhear-gairm - gur e duine "grinn" a bh' ann, a choisinn cliù dhà fhèin gu h-ionadail agus gu nàiseanta. Thuirt Màiri Bremner - a bha i fhèin air a' chomhairle còmhla ris fad bhliadhnaichean - gur e duine Diadhaidh, modhail a bh' ann aig an robh spèis do dhaoine eile.

Arm

Tha spiorad nan saighdearan ann an Arm Bhreatainn aig an ìre as ìsle a chaidh a thomhais a-riamh, a rèir àireamhan ùra bhon MOD. Thurit faisg air an treas cuid de na saighdearan gu bheil an spiorad ìosal - suas bho shia air fhichead sa cheud an-uiridh. Thàinig am fiosrachadh à Cunntas Bhliadhnail Bheachdan nam Feachdan Armaichte.