Luaidh ga dhèanamh air seann fhear-gairm

  • 25 An t-Iuchar 2013
Dòmhnall M. MacAoidh
Image caption Bhàsaich Dòmhnall MacAoidh Diciadainn, aig aois 82

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall M. MacAoidh a thug bliadhnaichean na fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar.

Bhàsaich Mgr MacAoidh, neo Dòmhnall na Pàirce mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir Diciadainn.

Bha e 82 agus bha e air a bhith tinn airson greis.

Obair na Comhairle

B' ann ann an 1980 a chaidh Mgr MacAoidh a thaghadh mar chomhairliche an toiseach.

Chaidh Mgr MacAoidh na fhear-gairm air a' Chomhairle ann an 1994 - dìreach beagan bhliadhnaichean às dèidh scaineal BCCI - agus tha mòran dhen bheachd gun do rinn e obair ionmholta ann a bhith a' toirt na Comhairle a-mach fo sgàil na cùise.S e Ailig Dòmhnallach a ghabh thairis bhuaithe mar fhear-gairm na Comhairle.

"'S e duine grinn, uasal a bh' ann an Dòmhnall agus bha e làidir ann an deasbad. Choisinn e cliù dha fhèin dhan na h-Eileanan gu nàiseanta agus gu h-ionadail", thuirt e.

Mhol e cuideachd an obair a rinn Mgr MacAoidh a thaobh na Gàidhlig 's e air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a' stèidheachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean nan Eilean.

Bha Mgr MacAoidh na èildear anns an Eaglais Shaoir agus sheas e gu daingeann an aghaidh seòlaidhean aiseig agus goireasan na Comhairle a bhith a' fosgladh air an t-Sàbaid.

Dh'fhàg e a' Chomhairle ann an 1999.

"Saoilidh mi gum bi ionndrainn mhòr air Dòmhnall 's faodaidh mi a ràdh gur e tlachd a bh' ann a bhith na chuideachd eadhon nuair nach robh a shlàinte gu math", thuirt Ailig Dòmhnallach.