Pàisdean "rìoghail" nan Eilean Siar

  • 24 An t-Iuchar 2013
Kathleen 's Fionnlagh Duce agus Yan Xia Lin le Mia
Image caption Bidh an aon cho-là-breith aig an dithis leanabh 's a th' aig an treas oighre dhan Chrùn

Rugadh dithis leanabh ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh air an aon là 's a fhuair Diùc agus Bana-Dhiùc Chambridge an leanabh aca-san.

'S e am balach, Seòras Alasdair Louis, an treas oighre dhan Chrùn - às dèidh a sheanair, am Prionnsa Teàrlach, agus athair, am Prionnsa Uilleam.

Image caption Rugadh Mia bheag ceithir mìonaidean deug ron phrionnsa

Air ais ann an Steòrnabhagh, rugadh Mia Zheng aig 1610, dìreach ceithir mìonaidean deug air thoiseach air a' Phrionnsa Seòras.

'S ann à Sìona a tha an teaghlach aice bho thùs, 's iad a-nis a' fuireach ann an Steòrnabhagh.

Na b' anmoiche air an oidhche, rugadh an dàrna leanabh san ospadal.

Image caption Nochd Fionnlagh beag nas tràithe na bha dùil

Thàinig Fionnlagh Duce a-steach dhan t-saoghal nas tràithe na bha dùil.

Thuirt a mhàthair Kathleen Duce, far an Tairbeirt, gu robh i air a dòigh gun do nochd e air an aon là ris an leanabh a bhios uair na rìgh,