Ionnsaigh ann an Inbhir Nis

  • 24 An t-Iuchar 2013

Tha Polais na h-Alba a' sireadh fiosrachaidh 's iad a' rannsachadh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air boireannach le buidheann de dh'fhireannaich ann an Inbhir Nis oidhche Dhiluain.

Thachair an ionnsaigh air an t-slighe a tha a' ruith fon rathad eadar Sràid nan Granndach agus Sràid Mhadras eadar 9f agus 10f Diluain.

Thuirt na polais gun deach am boireannach a ghoirteachadh beagan, ach nach robh i feumach air cùram san ospadal.

Tha iad ag iarraidh air luchd-fianais a dhol thuca.