"Blas" a' leudachadh

  • 24 An t-Iuchar 2013
Mànran
Image caption Bidh an còmhlan Mànran a-measg na ghabhas pàirt ann am Blas na bliadhna-sa

Airson a' chiad uair am bliadhna, thèid cuirmean-ciùil a chumail anns na h-Eileanan Siar agus ann an Earra-Ghàidheal mar phàirt dhen fhèis-chiùil Blas.

'S e seo an naoidheamh bliadhna dhen fhèis, anns a bheil cuirmean gan cumail air feadh na Gàidhealtachd.

Bidh an fhèis a' ruith eadar Dihaoine 6mh dhen t-Sultainn agus Disathairne 14mh dhen mhìos.

Fàilte

Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid fàilte air an leudachadh a thig air an fhèis am bliadhna.

Thuirt an Comh Seòras Freeman gun tèid fàilte mhòr a chuir air luchd-ciùil agus luchd-frithealaidh na fèise anns an sgìre.

Thuirt tè de stiùirichean Blas, Donna NicRath, gu bheil iad an dòchas gun tèid aca air an fhèis a leudachadh tuilleadh anns na bliadhnaichean ri teachd.

A-measg an luchd-ciùil a ghabhas pàirt ann am Blas 2013 bidh an còmhlan Mànran, còmhla ris an luchd-ciùil Aly Bain agus Phil Coineagan.

Bidh cothrom cuideachd aig muinntir Uibhist ro-shealladh fhaighinn air "Eun Bheag Chanaidh", mu obair an eòlaiche dualchais Mairead Fay Sheathach a choisinn cliù airson na chruinnich i de dh'òrain Ghàidhlig.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile