SAC Bharraigh na "bhriseadh-dùil"

  • 24 An t-Iuchar 2013
Barraigh
Image caption Chaidh iomairt làidir a dhèanamh an aghaidh SAC ann an Caolas Bharraigh

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag ràdh gu bheil co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba, sgìre ghlèidhte mara a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh na bhriseadh-dùil dhaibh.

Dh'fhoillsich Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, an t-seachdainn-sa chaidh gun tèid iad air adhart leis an SAC, a dh'aindeoin strì làidir na aghaidh anns a' choimhearsnachd.

Bha dragh ann gu sònraichte mun bhuaidh a dh'fhaodadh an t-inbhe a thoirt air obair an iasgaich.

Taic

Thuirt fear de stiùirichean a' Chaidreachais, Ruaraidh Dòmhnallach, gu bheil iad a' gabhail ris gu bheil dleastanas air an Riaghaltas àrainneachd na h-Alba a dhìon, ach gum bu chòir dhan seo a bhith air a dhèanamh le taic nan coimhearsnachdan air an toir e buaidh.

Thuirt e gu bheil e tamailteach gun do roghnaich an Riaghaltas a dhol air adhart leis a' phlana an aghaidh beachd na daoine.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà gu bheil iad airson 's gum bi pàirt mòr aig muinntir Bharraigh fhèin ann a bhith a' riaghladh an SAC.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile