Gealladh chumhachdan dhan na h-Eileanan

  • 25 An t-Iuchar 2013
Lèiruig
Image caption Choinnich Caibineat an Riaghaltais Albannaich ann an Sealtainn Diardaoin

Chaidh buidheann-ghnìomha fhoillsicheadh le Riaghaltas na h-Alba gus beachdachadh air am bu chòir cumhachdan ùra a thoirt do dh'eileanan na h-Alba.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn air an iomairt aca a chuir air dòigh, air thoiseach air an referendum air neo-eisimileachd na h-Alba an ath-bhliadhna.

'S e "Our Islands our Future" tiotal na h-iomairt, 's iad ag iarraidh gur ann aca fhèin a bhiodh smachd air grunn na mara timcheall air na h-eileanan.

A' bruidhinn mun iomairt, thuirt Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney gu bheil eileanan na h-Alba fio chudhthromach mar àitean son cumhachd a chruthachadh 's gun robh mòran dhaoine tàlantach is cruthaicheal a' fuireach annta 's gun robh e iomchuidh cothorm a thoirt dhaibh smaoineachadh air a bhith faighinn barrachd chuamhachdan.

Tha 'Our Islands Our Future' airson 's gun tèid a dhèanamh comasach cumhachd bho leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan fhaighinn gu tìr-mòr.

Coinnichidh a' bhuidhean-ghnìomha an ceann beagan sheachdainean.

Thuirt ball Lib Deamach Shealltain, Tavish Scott nach eil seo a' coimhead air mar a tha riaghaltas an SNP a' bith cùmhnadh cumhachd aig meadhain an riaghaltais son na sia bliadhna a chaidh seachad, bha e dòireanaich, thuirt e, nach robh ministear bhon a Chaibineat an sàs 'sa chùis - a' sealltain nach robh seo cudhthromach dhaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile