Lùghdachadh air luchd-siubhail adhair

  • 23 An t-Iuchar 2013
Itealan le Flybe
Image caption 'S ann eadar Inbhir Nis agus Gatwick a tha Flybe a' sgeith

Sheall rannsachadh ùr gum biodh 50,000 duine a bharrachd a' dol tro Phort-adhair Inbhir Nis gach bliadhna, nam biodh seirbheis aca gu ruige Heathrow.

Sguir seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Heathrow bho chionn grunn math bhliadhnaichean.

Fhuair sgrùdadh a chaidh a dhèanamh a mmeasg dhaoine a bhios a' siubhail airson an cuid obrach gum bi mòran dhiubh a' roghnachadh puirt-adhair eile a chleachdadh seach gu bheil seirbheisean aca gu ruige Heathrow.

'S e a' bhuidheann ghnìomhaichais an SCDI a rinn an rannsachadh, ann an co-bhuinn le Seòmar Malairt Inbhir Nis agus Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga.

Flybe

Thuirt Manaidsear an SCDI airson sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Fraser Grieve, gur e an dragh a bh' ann nuair a dh'fhoillsich Flybe gu robh iad a' reic na ceadan-laighe aca aig Gatwick ri EasyJet a thug orra coimhead ri mar as fheàrr a ghabhas seirbheisean eadar eadar Inbhir Nis agus Lunnainn a bhith air an dìon.

Bha iomagain ann gum faodadh Easyjet na ceadan a chleachdadh airson seirbheisean nas prothaidiche, ach dhearbh a' chompanaidh gun glèidheadh iad an t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus Gatwick.

Thuirt Cathraiche meur na Gàidhealtachd 's nan Eilean de Chaidreachas na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Amanda Frazer, gu bheil ceanglaichean adhair math bunaiteach do shoirbheachas eaconomaidh a' chinn a tuath.

Thèid am fiosrachadh bhon sgrùdadh a chuir gu Rannsachadh Davies, a tha a' coimhead ri na tha an dàn do phuirt-adhair na dùthcha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo