SHAMED a' toirt beachd air SAC Bharraigh

  • 22 An t-Luchar 2013
Caolas Bharraigh
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad airson eòlas ionadail a chuir gu feum

Tha cathraiche na buidhne SHAMED, a bha a' strì an aghaidh sgìre ghlèidhteachais mara a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh, ag ràdh nach e iongnadh mòr sam bith a th' ann dha gun tèid an SAC a chuir an sàs.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba aig deireadh na seachdainn-sa chaidh gun tèid an an sgìre ghlèidhte air adhart, a dh'aindeoin strì làidir bho chuid anns a choimhearsnachd 's dragh orra gu sònraichte mun bhuaidh a bheireadh an t-inbhe air an iasgach.

Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd ag ràdh ge-tà gu bheil iad airson 's gum bi pàirt mòr aig muinntir an àite fhèin ann a bhith a' riaghladh an SAC.

Strì

Thuirt Cathraiche SHAMED, Aonghas MacLeòid, gu robh iad air còrr is còig bliadhna a chuir seachad a' strì an aghaidh nam planaichean, ach gu robh coltas ann nach deach feart a thoirt air na beachdan aca.

"Mar a bha sinn a' faicinn bha a h-uile dìcheall a rinn sinn a shabaid na aghaidh, a thaobh Comataidh nan Ath-chuingean agus luchd-poileataigs agus gnothaichean mar sin, bha dorais air an dùnadh air ar beulaibh a h-uile turas, agus sin ciamar a b' fheudar dhuinn iarrtas a chuir a-staigh bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh agus thàinig tòrr am barr às an sin", thuirt e.

Chaidh crìochan na sgìre glèidhte atharrachadh cuideachd ri linn draghan na coimhearsnachd, agus cha bhi an Tràigh Mhòr a-niste mar phàirt dhith.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gu bheil iad airson brath a ghabhail air eòlas ionadail nuair a thig e gu bhith a' stiùireadh an SAC.

Thèid am plana a-nis a chur air adhart chun a' Choimisein Eòrpaich airson a chur an lùib lìonradh de sgìrean SAC air feadh na Roinn Eòrpa.