Dragh mu phrìs a' pheatroil

  • 19 An t-Luchar 2013
Prìs a' chonnaidh
Tha connadh gu math daor mar thà ann an sgìrean dùthchail agus eileanach.

Tha dragh air nochdadh mun bhuaidh a bheireadh àrdachadh de 5sg an liotair ris a bheil dùil air prìs a' pheatroil 's an diesel air Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, gu bheil seo na fhianais eile gum bu chòir riaghladair cìs a' chonnaidh a chur an sàs.

Thug buidheann mhotaireachd an AA rabhadh seachad an t-seachdain seo gu bheil mar a tha cosgaisean do luchd-reic a' pheatroil ag èirigh a' fàgail gum faodadh prìsean air na pumpaichean èirigh mu an coinneimh thairis air an dà mhìos a tha romhainn.

Tha prìsean air èirigh mu 1sg an liotair mar thà bhon Ògmhios am bliadhna.

Thuirt Mgr MacNèill, a tha na labhraiche air còmhdhail don SNP, gum buail an t-àrdachadh gu trom air gnìomhachasan ann an sgìrean dùthchail, agus cuideachd air luchd-turais a tha am beachd turas dràibhidh a thoirt air Alba.

Nan deadh riaghladair a chur an sàs air cìs a' chonnaidh, ghearradh sin cìs a' chonnaidh anns na sgìrean dùthchail agus eileanach mar a dh'èireadh prìs a' chonnaidh fhèin, ga cumail seasmhach.

Tha Mgr MacNèill den bheachd gur e sin an dòigh as sìmplidhe agus as èifeachdaiche air prìsean a chothromachadh ann am margaid a tha gu math an-shocair.

Tha Riaghaltas Bhreatainn air a ràdh mar thà nach gabhadh leithid de sgeama maoineachadh.