Urras Iain Mhuir a' cur an aghaidh chrann-gaoithe

  • 19 An t-Iuchar 2013

Tha Urras Iain Mhuir a' cur an aghaidh plana gus leudachadh a thoirt air an àireamh chrann ann an tuath-gaoithe Mhuaitheabhail ann an ceann a deas na Lochan ann an Leòdhas.

A rèir an urrais dhèanadh leudachadh a bharrachd cron air iolairean agus seallaidhean bho bheanntanan na sgìre.

Tha a' chompanaidh Uisinis Power Eta, airson 12 chrann a bharrachd a chur ris an 39 dha bheil cead aca an-dràsta.

Tha Urras Iain Mhuir a' cumail a-mach gum faodadh sin cron a dhèanamh air "Talamh Fiadhaich" a th' air a chomharrachadh ann am mapa Dualchais Nàdair na h-Alba, a bharrachd air Iolairean Buidhe agus Iolairean Mara.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile