Buinn-airgid Ròmanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Airgead Ròmanach ga lorg air Ghàidhealtachd

18 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S fhada an aon saoghal bho bha iad an seo, 's tha ceistean 's deasbad gu leòr ann fhathast mu càite dìreach an robh iad nuair a bha iad an seo.

Is cinnteach ge-tà gun robh na Ròmanaich an siud 's an seo an Alba bho chionn timcheall air 2000 bliadhna, agus dh'fhaodadh gun robh iad ann an àite far nach robh fianais ron a seo.

Tha luchd de dh'airgead Ròmanach a chaidh fhaighinn air làrach na fèise ciùil ann am Beul Àtha an Droma air a' chiad thasgadh de a sheorsa a fhuaireadh riamh mu Linne Fharair.

Mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris, tha cothrom aig a h-uile duine na buinn fhaicinn a-nis.