Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Dh'èirich àireamh a' chion-chosnaidh an Alba airson a' chiad uair am bliadhna, agus na figearan oifigeil ag ràdh gun robh 8,000 duine a bharrachd gun chosnadh agus a' sireadh obrach eadar am Màrt agus an Cèitean a' toirt na h-àireimh gu lèir gu 205,000. Thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu beagan a bharrachd air 2.5m. Aig a' cheart àm thàinig fàs de 0.4% air eaconamaidh na h-Alba anns na trì mìosan bho thoiseach na bliadhna.

Reic Armachd

Tha aithisg bho chomataidh pàrlamaid aig Westminster a' togail cheistean mun chead a tha Breatainn a' toirt seachad airson armachd a reic ri dùthchannan aig a bheil droch chliù airson chòirichean daonna. Chaidh 3,000 cead a thoirt seachad an-uiridh airson armachd a reic ri dùthchannan mar Sri Lanka, Sìona, Siria agus an Èipheit.

Heathrow

Tha a' bhuidheann dham buin Port-Adhair Heathrow air plana fhoillseachadh airson an treas raoin-laighe. Thèid na planaichean a tha connspaideach gu Coimisean nam Port-Adhair, ach cha bhi co-dhùnadh ann gu an dèidh an ath-thaghaidh choitchinn.

Comhairlean Eileanach

Cuiridh trì comhairlean eileanach na h-Alba tuilleadh chuideim air Riaghaltas na h-Alba an ath-sheachdain airson tuilleadh chumhachdan a thoirt dha na sgìrean eileanach. Coinnichidh riochdairean às Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar ri Caibineat Riaghaltas na h-Alba a bhios a' coinneachadh ann an Sealtainn. Agus aig an aon àm tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' feitheamh fios am faigh an sgìre sin pàirt anns an iomairt airson tuilleadh chumhachdan dha na h-ùghdarrasan eileanach.

Na h-Ìnnseachan

Chaochail còrr is 20 duine-cloinne sna h-Ìnnseachan, agus tha mòran eile tinn an dèidh dhaibh biadh ithe aig sgoil ann an sgìre Bihar air taobh sear na dùthcha. Buinnidh an sgoil dhan Riaghaltas a tha a' tabhainn a' bhìdhe an asgaidh airson clann a thàladh chun na sgoile.

Fèis Cheilteach Innse Gall

Tha a' chiad phàirt de dh'Fhèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh an-diugh. Tha luchd-stiùiridh ag ràdh gu bheil làn-dùil aca gum bi an fhèis, fad ceithir là, a' tarraing còrr is an 14,000 duine a cheannaich ticeadan an-uiridh. Tha an Fhèis a' cur mu £900,000 ris an eaconamaidh ionadail, agus a' dèanamh 37 cosnadh làn-ùine.