Druim Bà ga dhiùltadh

  • 16 An t-Luchar 2013

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba plana airson tuath-gaoithe os cionn Loch Nis anns am biodh crainn-ghaoithe cho àrd 's bhiodh an Alba.

Bha Sustainable Energy Eta ag iarraidh 23 crainn a thogail anns am biodh faisg air 500tr de dh'àirde.

Chum Riaghaltas na h-Alba rannsachadh poblach ionadail an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cead a dhiùltadh dhan sgeama aig Druim Bà faisg air Obair Itheachain.

Thuirt Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, nach biodh meud na sgeama a rèir àrainneachd na sgìre.