Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trident

Thuirt Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, nach eil e a' cur suim sam bith ann an ath-sgrùdadh a tha na Libearalaich Dheamocratach a' dèanamh air dè ghabhadh cur an àite armachd niuclasaich Trident. Tha dùil gun can na Lib-Deamaich ann an aithisg a tha iad a' foillseachadh an-dràsta, gum bu chòir àireamh nam bàtaichean-aigeann niuclasach a ghearradh bho cheithir gu dhà. Thuirt Mgr Hammond nach eil ann an sin ach faoineas, a chuireadh tèarainnteachd na dùthcha ann an cunnart.

An Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-Atmhorachd air a' mhìos a chaidh dhan ìre as àirde ann an 14 mìosan. Bha an Clàr Ceannaich (CPI) aig 2.9% a rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta, a thuirt gur e prìs a' pheatroil agus diesel as motha a thug buaidh air an àrdachadh.

Sochairean Sòisealta

Thuirt Roinn an Ionmhais gum faodadh ìsleachadh eile a thoirt air a' chìoch air sochairean sòisealta ma shoirbhicheas an ìre a chaidh a stèidheachadh an-dè aig £26,000 sa bhliadhna do theaghlach. Thuirt fear de luchd-obrach an t-Seansalair Seòras Osborne, gum faodadh iad sin ìsleachadh a-rithist an dèidh taghaidh choitchinn ann an 2015 ma tha dearbhadh ann gu bheil e a' gearradh na cosgais air sochairean agus a' cuideachadh dhaoine gu cosnadh.

Cosgais a' Chumhachd

Thuirt a' chompanaidh chumhachd Npower gu bheil cosgais chumhachd na dachaigh a' dol a dh'èirigh gu math nas motha na tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' tomhas. Thuirt Npower gum bi cosgais bhliadhnail do dhachaigh ag èirigh mu £240 anns an fharsainneachd ro 2020.

Sgoil Ghàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh an-diugh 's am Bòrd a' faighneachd mu sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil e mar phoileasaidh acasan Gàidhlig a thabhainn anns a h-uile sgoil, seach ann an aon sgoil fa leth.

Slàinte Inntinn

Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann ag iarraidh ath-sgrùdaidh air seirbheisean slàinte inntinn ann an Alba, 's iad ag ràdh nach eil cothromachd idir anns an dòigh anns a bheil diofar mhion-chinnidhean a' faighinn sheirbheisean. Fhuair rannsachadh gu bheil feadhainn à ceann a deas Àisia agus Sìona gu h-àraid gu math tric fìor mheadhanach mus tèid sealltainn riutha.