Falaisgear mòr ann am Bàideanach

  • 15 An t-Iuchar 2013

Is coltach gu bheil smachd a-nis aig luchd-smàlaidh air falaisgear mhòr a bha a' losgadh ann am Bàideanach.

Bha heileacoptair a' cur taic ri luchd-smàlaidh le bhith a' leigeil uisge air an teine a bha a' dol sa mhòintich eadar an Lagan agus Dail Chuinnidh.

Tha an teine air a bhith a' dol bho Dhidòmhnaich agus tha 500 acair air an losgadh chun na h-ìre seo.

Bha luchd-obrach bho oighreachdan ionadail cuideachd an sàs san oidhirp airson an teine chur às.

Tha an luchd-smàlaidh a-nis a' cumail sùil air an làraich, feuch nach gabh an teine a-rithist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile