Ionad Eas Shin ga ath-thogail ann an 2015

  • 12 An t-Iuchar 2013

Tha dùil gun tèid ionad turasachd ann an Cataibh, a chaidh na theine o chionn trì mìosan, a thogail às ùr ann an 2015.

Chaidh 19 cosnaidhean a chall nuair a chaidh an t-ionad aig Eas Sin, faisg air an Luirg, na smàl.

Cha deach duine a ghoirteachadh san teine, ach chaidh an togalach a mhilleadh gu làr.

Thuirt an t-uachdaran, Mohamed al-Fayed, gun tig fiosrachadh mionaideach as t-Fhoghar.